‘Math do bhoireannaich ’s do chlann’
Tha an dùthaich bheag againn anabarrach beartach a réir gach tomhais oifigeil. Dh’fhaodadh Alba seasadh air a casan fhéin. Fiùs ás aonais na h-ola bhiodh econamaidh fallain againn.
Mar sin chan e ceist “am b’ urrainn” a tha fanear dhuinn idir, ged a tha móran sna meadhanan ro dhéidheil car a chur air gnothaichean mar gur e nàdar de fo-chreutairean a tha annainn nach eil comasach air an dùthaich againn fhìn a riaghladh.
Advertisement
Hide AdGe-tà chan e dìth mhisneachd a tha mise faighinn agus mi a’ dol mun cuairt na dorsan le bileagan taiceil do neo-eisimeileachd. Is iongantach an uiread a tha a’ cur fàilte chridheil air naidheachdan brosnachail mun reifreann. Chanainn-sa gu bheil sin gu h-àraidh fìor ás leth nam boireannach. Ged a tha fireannaich buailteach coimhead air gnothaichean mar gur e geama eadar dà sgioba ball-coise a tha ann ’s iad deònach an taic a thoirt don sgioba aca fhéin, buaidh no bàs, tha na boireannaich fada nas comasaiche coimhead air an dealbh mhór.
Sin a dh’fhairich mi cuideachd air a’ chaismeachd air son neo-eisimeileachd tro shràidean Dhùn Éideann san t-Sultain ’s aig a’ chuirm-chnuic air Cnoc a’ Chaltainn. Bha fireannaich ann ’nam mìltean le’n cuid bhratach, ag eubhachd asta ’s a’ coimhead dàna gu leòr. Ach sann le na boireannaich a bha an latha. Feadhainn aosta, cuid dhiubh ann an seathraichean cuibhle air neo an taic an càirdean a’ coiseachd gu slaodach, ceum air cheum, an àirde a’ chnuic. Bha màthraichean òga ann, móran dhiubh le’n cuid chloinne mu’n glùinean air neo ann am pramaichean, feadhainn air a’ chìch. Thòisich buidheann de bhoireannaich a’ dèanamh ruidhle ’s iad a’ toirt air a h-uile duine a bha dol seachad a thighinn a-steach air an danns, mar gur ann aig banais a bha iad.
Bha boireannaich ás iomadh sluagh agus cinneadh an làthair eadar Sìnich, muinntir Phakistan agus India agus Pólaich cho math ri gu leòr á Sasainn. Dh’innis iad uile dhomh mun tlachd a tha iad a’ faireachdainn a bhith ’nan Albannaich. Bhruidhinn mi ri té á freumhan Afraganach a dh’aithris briathran Dhante Alighieri rium san Eadailtis. Bha a mac, 10, ri taobh, a dh’innis gu modhail cho toilichte ’s a tha e gun tàinig iad a dh’fhuireach a dh’Alba.
Bhruidhinn mi ri boireannaich ás a’ Bhreatainn Bhig, á Catalùnia ’s á Flanndrais, a thàinig a-nall air son an taic a shealltainn ’s iad an dùil ’s an dòchas gun tig piseach air na cùisean aca fhéin nuair a gheibh sinne neo-eisimeileachd.
Tha rudan a ghabhas tomhais le figearan agus rudan eile a tha sinn a’ faireachdainn. Tha e glé choltach gum biodh Alba neo-eisimeileach ’na dùthaich mhath do bhoireannaich ’s do chlann oir se sin an fhaireachdainn a tha tighinn gu bàrr am measg an fheadhainn a tha air a shon. Tha sealladh sònraichte aig boireannaich òga, anam agus beatha na dùthcha. Tha iad a’ faicinn Alba ùr, far am faigh iad cothrom na comasan cruthachail aca a chur gu cleachd chum maith na h-uile.
Le bhith a’ cur comharrachadh air pìos pàipeir Diar-Daoin 14 Sultain 2014 is urrainn dhuinn obrachadh còmhla gus dìleab thar prìs a thoirt don òigridh. An dùthaich aca fhéin.
Advertisement
Hide Ad• Thill Seonaidh Caimbeul, 58 (a rugadh ann an Glaschu ’s a thogadh ann an Siorrachd Lannraig) a dh’fhuireach do sheann taigh a sheanar faisg air an Agaidh Mhór. Tha e a’ tairgse seirbheisean rannsachaidh/sgrìobhaidh ’s tha e ’na bhall de dh’iomairt “Bu Chòir” Bhàideanaich ’s Shrath Spé.